Tha an geama Neverball 's Neverputt ri fhaighinn sa Ghàidhlig a-nis
5mh dhen Ògmhios 2014 13:11:08
Tùs:
Neverball.org
Roinnean-seorsa:
Geamannan - Games
'S e geama teòmachd 's tòimhseachain 3-D a tha san Neverball. Is amas a' gheama gun ruig thu tadhal le bàla mus fhalbh an ùine ort. Air an t-slighe, feumaidh tu roiligeadh thairis air buinn gus an cruinneachadh. Chan fhosgail an tadhal ach nuair a bhios tu air buinn gu leòr a chruinneachadh agus faodaidh cnapan-starra a bhith san rathad. Gheibhear an geama goilf Neverputt an lùib Neverball.
Gheibh an geama air neverball.org 's mìneachaidhean air mar a stàlaicheas sibh an geama air a' bhòrd-bhrath.



