Geama ùr: SuperTuxKart
11d dhen Dùbhlachd 2012 14:57:27
Tùs:
Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa:
Geamannan - Games
Chaidh tionndadh 0.8 aig SuperTuxKart fhoillseachadh an-diugh is tha a' Ghàidhlig na bhroinn. 'S e geama rèise 3D a th' ann an SuperTuxKart is tha e an asgaidh. Tha iomadh shlighe, caractar is nithean na bhroinn as urrainn dhut feuchainn. Gheibh thu an geama air Làrach-lìn oifigeil SuperTuxKart. Chì thu bhideothan air a' bhòrd-bhràth againne.


