Naidheachdan   –   News

Naidheachdan   –   News

Bathar-bog ùr: GenoPro

Air a lorg le: Akerbeltz
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
GenoPro
GenoPro
'S e aon dhe na prògraman as cumanta airson craobhan-sinnsearachd a dhèanamh a th' ann an GenoPro. 'S e trialware a th' ann. Mar sin, feumaidh tu rudeigin a phàigheadh ach am faigh thu am prògram, ach faodaidh tu feuchainn an toiseach is an asgaidh an còrd e riut. Taing do dh'Akerbeltz, tha 75% dheth sa Ghàidhlig a-nis.
GenoPro 2011: glacadh-sgrìn
GenoPro 2011: glacadh-sgrìn

Mapa na h-Alba ùr

Air a lorg le: Mìcheal Beag
Dealbh-dùthcha na h-Alba.
Dealbh-dùthcha na h-Alba.
Dealbh Newsnet Scotland.
© Newsnet Scotland 2012.
Thàinig mapa na h-Alba ùr a-mach a chaidh a dhèanamh le Newsnet Scotland. Chaidh a dhèanamh le Paul T. Kavanagh is thug e dà bhliadhna. Barrachd fiosrachaidh...

Geama ùr: Pingus

Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
Pingus
Pingus
Sa gheama thoimhseachain seo, feumaidh tu cinn-fhionn a stiùireadh dhan doras a-mach is iomadh cnap-starra san rathad. Cuiridh tu comasan a leithid leum no togail dhrochaidean dhaibh ach am faigh iad thairis orra gu sàbhailte. Tha an geama seo coltach ri Lemmings ach tha e an asgaidh.

Cha do chuir iad a' Ghàidhlig ris na pasganan oifigeil fhathast, ach gheibh thu mìneachadh air ciamar a stàlaicheas tu e an seo.

Treòraiche ùr: gnìomhairean - New Guide: Verbs

Roinnean-seorsa: Treòraichean - Guides
Rinn mi clàran le cruthan nan gnìomhairean uile. Geibh thu an seo iad. Tha trì tionndaidhean aig gach faidhle: aon tionndadh mòr a ghabhas leughadh air an sgrìn is dà thionndadh nas lugha airson clò-bhualadh is a thoirt leat nad phòcaid. Tha mi an dòchas gum bi iad feumail.

I created tables for all the verb forms. You can find them here. There are three versions of each file. One big version for reading on your screen, and two smaller versions for printing and putting in your pocket. I hope they will be useful.

Bathar-bog ùr

Air a lorg le: akerbeltz
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
Taing do dh'Akerbeltz, tha barrachd bathar-bog ri fhaighinn sa Ghàidhlig a-rithist.
VLC - VideoLAN - Cluicheadair mheadhanan le còd fosgailte - tha e an asgaidh agus cluichidh e cha mhòr rud sam bith fon ghrèin, an dà chuid bhideo is fuaim. 'S urrainn dhut a chleachdadh gus Radio nan Gàidheal a chlàradh air coimpiutair cuideachd.

Outlook.com - Seirbheis puis-d aig Microsoft ("Hotmail" roimhe).

FreeFileSync - Goireas gus lethbhreacan-glèidhidh, neo backups, a dhèanamh dhe na faidhlichean agaibh.

Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:                
Gu:                
Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir: