Naidheachdan – News
Cànan agus Oran Scottish Gaelic Language and Song Workshop
Roinnean-seorsa:
Tachartasan - Events
The Gaelic Society of Toronto and the University of Toronto Celtic Studies Program will be holding a day of Gaelic language and song for learners of Scottish Gaelic on December 1, 2012.
Barrachd fiosrachaidh...
Barrachd fiosrachaidh...
A' chiad Latha Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu
Oilthigh Ghlaschu,
20mh dhen t-Samhainn 2012 10:23:51
Tùs:
Facebook
Roinnean-seorsa:
Tachartasan - Events
Bidh an t-Oilthigh a' cumail Latha Gàidhlig air Diardaoin 22mh an t-Samhain gus cànan agus cultar na Gàidhlig a chomharrachadh.Thèid sreath de thachartasan a chumail air feadh àrainn an Oilthighe mar phàirt de Latha na Gàidhlig , a bhios a' tachart a h-uile bliadhna bho seo air adhart mar phàirt de Phlana Gàidhlig an Oilthighe 2012-2017.
Barrachd fiosrachaidh...
Barrachd fiosrachaidh...
Geama ùr: The Battle for Wesnoth 1.10.5
18mh dhen t-Samhainn 2012 22:28:27
Tùs:
Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa:
Geamannan - Games
Chaidh eadar-theangachadh ùr air geama eile fhoillseachadh an-diugh: tionndadh 1.10.5 aig The Battle for Wesnoth.
'S e geama ro-innleachd fantastachd suidhichte air cuairtean a th' ann am Battle for Wesnoth. Tha modhan cluiche eadar-dhealaichte aige: iomairtean no geamannan ioma-chluicheadair. Faodaidh tu na geamannan ioma-chluicheadair a shuidheachadh cuideachd ach an cluich thu an aghaidh a' choimpiutair.

Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh air ciamar a gheibh sibh an geama an-seo.
'S e obair mhòr a th' anns an eadar-theangachadh seo, mar sin chan eil an roinn taice coileanta fhathast. Cuideachd, chan eil ach dà iomairt sa Ghàidhlig gu ruige seo. Mar sin, ma tha ùidh agaibh ann, carson nach cuidich sibh leis an eadar-theangachadh? Tha na h-iomairtean làn dhe chòmhraidhean agus tha fiù 's pìosan bàrdachd a dhìth leis na mapaichean ioma-chluicheadair! Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh air an eadar-theangachadh air an làrach-lìn aig Wesnoth.

Geama ùr: Megaglest
13s dhen t-Samhainn 2012 10:02:16
Tùs:
Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa:
Bathar-bog - Software
Chaidh geama ùr sa Ghàidhlig fhoillseachadh an-diugh. 'S e geama ro-innleachd fìor-ùine (Real Time Strategy Game) a th' ann am Megaglest. 'S urrainn dhut cnàmh-sgeulan no mapaichean air thuaiream a chluiche, agus tha modh ioma-chluicheadair aige.
Gheibh sibh an geama an asgaidh air http://megaglest.org/download.html.
Gu mì-fhortanach, chan eil a h-uile rud sa Ghàidhlig fhathast, m.e. tha ainmean nan aonadan sa Bheurla fhathast. Tha mi 'n dòchas gun gabh seo càradh leis an ath thionndadh.
Gu mì-fhortanach, chan eil a h-uile rud sa Ghàidhlig fhathast, m.e. tha ainmean nan aonadan sa Bheurla fhathast. Tha mi 'n dòchas gun gabh seo càradh leis an ath thionndadh.
Adaptxt - Predictive Texting ann an Gàidhlig (air Android)
Roinnean-seorsa:
Bathar-bog - Software
'S urrainn dhuibh sgrìobhadh sa Ghàidhlig air fònaichean-làimhe Android gu furasta a-nis! Nach tèid sibh dha bhùth nan aplacaid gus meur-chlàr Adaptxt le teacsadh ro-innseach fhaighinn?
Gheibh sibh tuilleadh mhìneachaidhean air ciamar a dh'obraicheas e an-seo.
Gheibh sibh tuilleadh mhìneachaidhean air ciamar a dh'obraicheas e an-seo.
An deasachadh mu dheireadh: 26mh dhen Dàmhair 2022 13:50:05