Naidheachdan – News
Comhairle nan Leabhraichean a' sireadh sgrìobhaidh ùr
1d dhen Mhàrt 2011 17:31:07
Tùs:
post-d
Roinnean-seorsa:
Ealain is Leabhraichean - The Arts and Books
Tha Comhairle nan Leabhraichean a' sireadh sgrìobhaidh ùr airson làrach-lìn. Seo post-d a fhuair mi bho Rody Gorman an-diugh:
Às-earrann:
A chàirdean
Tha làrach-lìn ùr http://www.litreachas.com ga cur ri chèile an-dràsta le John Storey aig Comhairle nan Leabhraichean air an nochd obair le sgrìobhadairean ùra Gàidhlig mar nàdar de thaisbeanadh no de dh'uinneag-bhùtha. Dh'iarr John orm stuth a thrusadh air a son.
Ma tha sibh air càil a sgrìobhadh - rosg; eachdraidh-beatha; (non-)ficsean; dealbhan-cluiche; bàrdachd; sgriopt etc - ach nach eil sibh air leabhar fhèin den obair agad a chur an clò, nach cuir sibh thugam e gus a chur air an làraich. 'S e an ìre de sgrìobhadh a tha sinn ag iarraidh an-dràsta - rosg eadar 250 -1000 facal; bàrdachd - co-dhiù 8 sreathan. Ma tha feadhainn eile aithne dhuibh an taobh a-muigh aig an t-Sabhail a bhiodh deònach obair a chur thugainn, nach leig sibh fios thucasan cuideachd.
Bheir mi dhuibh a h-uile taic a tha dhìth - sgioblachadh; deasachadh; ceartachadh etc - gus an stuth a dheisealachadh airson nochdadh air an làraich.
Siuthadaibh!
Leis na dùrachdan
Rody

Cuiribh an stuth agaibh gu Rody aig sm00rg@uhi.ac.uk.
Cearcall Còmhraidh ann an Caisteal Nuadh
Roinnean-seorsa:
Tachartasan - Events
Thòisicheadh cearcall còmhraidh ann an Caisteal Nuadh. Bidh an ath-choinneamh Diluain 7mh Màrt, 6.00f, anns a' aitreabh Devonshire aig Oilthigh Caisteal Nuadh.
Làrach-lìn: http://gaelicnewcastle.wikispaces.com
Post-d: tam155@hotmail.com
There is a new conversation circle in Newcastle (for the North East). The next meeting will be on Monday the 7th of March at 6.00pm in the Devonshire Building of Newcastle University. All abilities welcome.
Website: http://gaelicnewcastle.wikispaces.com
E-mail: tam155@hotmail.com

Clann is Pàrantan a' togail fianais am Port Rìgh
Roinnean-seorsa:
Saoghal na Gàidhlig - Gaelic World
Bheir pàrantan bho cheann a tuath an Eilein Sgitheanaich an cuid chloinne às an sgoil feasgar Diluain airson fianais a thogail an aghaidh gearradh an luchd-taic clas.
leugh tuilleadh...
barrachd fiosrachaidh mu na gearraidhean...
Tha ath-chuinge air loidhne ann an aghaidh gearradh an luchd-taic

Coinneamh air Skype - Meet-up on Skype
9mh dhen Ghearran 2011 20:40:20
Roinnean-seorsa:
Fòram na Gàidhlig
Bidh cuid dhuinn a' coinneachadh air Skype DiHaoine 8:00 f UTC. An tig sibh còmhla rinn?
Barrachd fiosrachaidh...
Some of us will meet on Skype this Friday at 8pm UTC. Anybody is welcome to join us.
Read more...

Ath-chuinge an aghaidh dùnadh Sgoil-chiùil na Gàidhealtachd sa Phloca
4mh dhen Ghearran 2011 16:02:22
Air a lorg le: Gràisg
Roinnean-seorsa:
Ealain is Leabhraichean - The Arts and Books
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag amas Sgoil-chiùil na Gàidhealtachd sa Phloca a dhùnadh. Ma tha sibh an aghaidh seo, an cuir sibh ur n-ainm ri ath-cuinge air loidhne. Gheibhear a bharrachd fiosrachaidh mu gearraidhean a' bhudseid fa leth air a' Phress & Journal.
The Highland Council are planning to close the traditional music school in Plockton. If you are against this, please sign the online petition. More information about the budget cuts is to be had at the Press & Journal's website.

An deasachadh mu dheireadh: 26mh dhen Dàmhair 2022 13:50:05