Naidheachdan – News
Co-fhaclair ùr agus Dwelly's an clò a-rithist
13s dhen Dàmhair 2011 13:34:58
Tùs:
GAIDHLIG-B
Roinnean-seorsa:
Briathrachas is Gràmar - Words and Grammar
Tha co-fhaclair ùr ri fhaighinn an asgaidh. Cuideachd, tha Comhairle nan Leabhraichean a' reic an tionndadh ùr aig Dwelly's.
There's a new thesaurus available for free. Also, The Gaelic Books Council is now selling the new version of Dwelly's. If you would like a copy of the thesaurus, write to the e-mail address below. You will need to pay for shipping only.

Às-earrann:
A chairdean,
_Fiosrachadh mu dà leabhar ùr_
Tha Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd `s nan Eilean agus Ionnsachadh agus Teagasg Alba air Co-fhaclair Gàidhlig fhoillseachadh mar phàirt de cho-obrachadh nàiseanta airson Gàidhlig a bhrosnachadh. Tha Comhairle nan Leabhraichean a' sgaoileadh an co-fhaclair seo air fileantaich agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Tha an co-fhaclair saor `s an-asgaidh, ach feumar pàigheadh cosgaisean-postachd far a bheil sin iomchaidh. Chì sibh na cosgaisean-postachd mar a tha iad a' freagairt air diofar dhùthchann gu h-ìosal.
An Rìoghachd Aonaichte - £3
An Roinn-Eòrpa - £7
An còrr den t-saoghal - £12.
Ma tha ùidh agaibh anns an leabhar seo, cuiribh post-d thugam.
Cuideachd, tha Akerbeltz air tionndadh ùr den /Fhaclair Gàidhlig agus Beurla le Dealbhan/ le Dwelly fhoillseachadh, a tha fhathast na stòras iongantach de dh'fhaclan aig a bheil àite sònraichte ann an saoghal na Gàidhlig. Tha am faclair ri fhaighinn bho Chomhairle nan Leabhraichean aig prìs £55.
Le deagh dhùrachdan,
Shelagh
Shelagh Chaimbeul
Oifigear Reic is Margaideachd
*Comhairle nan Leabhraichean *
32 Sraid Achadh a' Mhansa
Glaschu G11 5QP
+44 (0)141 337 6211
shelagh@gaelicbooks.net
http://www.gaelicbooks.org

Madainn cofaidh ann an Inbhir Nis a-màireach
Roinnean-seorsa:
Tachartasan - Events
Bidh madainn cofaidh ann an Inbir Nis gus cothrom bruidhinn sa Ghàidhlig a thoirt dhuinn ann an suidheachadh neo-fhoirmeil. Cuiridh CLÌ Gàidhlig seo air bonn.
Cùine: 8mh Dàmhair 10m - 12f
Càite: Ionad Dùn Barra, Sràid na h-Eaglaise, Inbhir Nis
Tuilleadh fiosrachaidh: 04163 - 226841 no admin@cli.org.uk

Scrabble 3D ri fhaighinn sa Ghàidhlig
Roinnean-seorsa:
Geamannan - Games
Tha geama ùr eile ann, Scrabble sa Ghàidhlig. Cluichibh an aghaidh a' choimpiutair no an aghaidh dhaoine eile. Taing do dh'Akerbeltz a-rithist, agus don sgioba Scrabble3D!
Treòir stàlaidh
There's another new game available, Gaelic Scrabble. Play against the computer or against other players. Thanks again to Akerbeltz, and to the Scrabble 3D team!
Instalation guide

Faclair Dwelly ga ùr fhoillseachadh - Dwelly's Dictionary is being republished
14mh dhen t-Sultain 2011 12:41:27
Roinnean-seorsa:
Briathrachas is Gràmar - Words and Grammar
Tha am faclair aig Dwelly ga fhoillseachadh às ùr. 'S e cruth digiteach a chleachdas iad is mar sin bidh e mòran nas fhasa ri leughadh na na ath-fhoillseachaidhean a bh' againn gu ruige seo. Is urrainn dhuibh òrdugh ro-làimh a chur a-steach air Amazon.uk.
Dwelly's Dictionary is being republished. They used a digital version rather than facsimile, so it will be a lot easier to read. You can preorder at Amazon here: Amazon.uk
Taing do dh'Akerbeltz a-rithist a tha a' cumail trang gus stuth feumail a thoirt dhuinn!

Thèid deasbaid sa Ghàidhlig a chumail air Twitter an ath sheachdain
14mh dhen t-Sultain 2011 12:33:27
Tùs:
Facebook
Roinnean-seorsa:
Tachartasan - Events
Deasbad mu dheidhinn na Gàidhlig le cuspair sònaraiche gach latha. Mar phàirt de Sheachdain nam Meadhanan Sòisealta 2011.
Thoiribh sùil air ar duilleag Twitter gach latha eadar 19 - 23mh Sultain agus gabh pàirt san deasbad! http://nitter.it/#!/IGGlaschu
Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh mu Sheachdain nam Meadhanan Sòisealta 2011 an seo.

An deasachadh mu dheireadh: 26mh dhen Dàmhair 2022 13:50:05