Page 1 of 1

Liosta faclan 's abairtean cumanta...?

Posted: Tue Dec 20, 2011 6:28 pm
by Níall Beag
Bha mi a' smaointinn air tòiseachadh air eadar-theangachaidhean bathar-bog a dhèanamh sa bhliadhn'-ùr.

A bheil liosta fhathast de na rudan bunasach a bhios a' nochdadh anns a h-uile prògram?

Re: Liosta faclan 's abairtean cumanta...?

Posted: Tue Dec 20, 2011 7:20 pm
by akerbeltz
Tha am briathrachas a tha 'ga chleachdadh san Fhaclair Bheag a ghnàth, ma tha roghainn ann, chì thu rionnagan buidhe ris 'a bhriathar a tha 'ga chleachdadh.

Dè bha thu an dùil eadar-theangachadh?

Re: Liosta faclan 's abairtean cumanta...?

Posted: Wed Dec 21, 2011 8:59 am
by Níall Beag
Chan eil fhios agam. Bha mi ag iarraidh CeltX eadar-theangachadh, ach tha e steidhichte air codebase Firefox, ach dreach nach eil ri fhaighinn sa Ghàidhlig, a-rèisd cha bhiodh ciall ann....

Re: Liosta faclan 's abairtean cumanta...?

Posted: Wed Dec 21, 2011 12:20 pm
by akerbeltz
B' urrainn dhuinn liosta a dhèanamh co-dhiù