Page 1 of 1

Uicipeid na Gàidhlig agus an TranslateWiki

Posted: Sun Aug 07, 2011 12:54 pm
by akerbeltz
Tha rud ann air a bheil TranslateWiki far am bi sinn a' cur Gàidhlig air an eadar-aghaidh fhèin. Tha gu leòr ri dhèanamh fhathast.

'S e buannachd a' phròiseict sin gun nochd Gàidhlig mar chànan ann am uici sam bith an uairsin, can ma tha tè agaibh fhèin. A-rithist, cuideachadh an-seo agus an-siud ma tha feum agaibh air.

Tha iomadh ìre ann aig a bheil feum air cuideachadh ann. Tha an uicipeid fhèin ann (a-nis le ainm brèagha Gàidhealach) http://gd.wikipedia.org/wiki/Pr%C3%AComh-Dhuilleag agus tha dearg-fheum air slànachadh aistean.

Ma tha ùidh agaibh ann an cuspair sam bith, gabhaibh pàirt ann. Ma tha WikiCode 'gar cur tro chèile, gheibh sibh cuideachadh an-seo agus air an uicipeid fhèin.

Re: Uicipeid na Gàidhlig agus an TranslateWiki

Posted: Sun Oct 02, 2011 4:00 pm
by akerbeltz
Gliocas an latha: Fiù ma chleachdas sibh Wikipedia na Beurla, 's urrainn dhuibh Gàidhlig a chur air an eadar-aghaidh 'nur cunntas fo:

My preferences > User Profile > Internationalisation > gd - Gàidhlig