Page 1 of 1
Agus Thunderbird an-dràsta
Posted: Fri Oct 22, 2010 2:22 pm
by akerbeltz
Tha an lìon beagan nas Gàidhlig a-rithist an-diugh, tha Thunderbird, am prògram puist-dhealain aig Mozilla (na daoine a rinn Firefox) ri fhaighinn sa Ghàidhlig a-nis. Faighibh e saor an-asgaidh aig
http://www.mozillamessaging.com/gd/thunderbird/
Seadh, air a thoirt dhuibh le Akerbeltz

Re: Agus Thunderbird an-dràsta
Posted: Fri Oct 22, 2010 5:39 pm
by faoileag
Nach eil an duine sin leisg!

Re: Agus Thunderbird an-dràsta
Posted: Fri Oct 22, 2010 7:56 pm
by akerbeltz
Leisg? 'S mo shùilean a' fàs car ceàrnagach mu thràth

Re: Agus Thunderbird an-dràsta
Posted: Fri Oct 22, 2010 8:13 pm
by GunChleoc
Sguir coimhead a h-uile oidhche air an sgudal a tha air an tbh is fàsaidh do shùilean nas fheàrr
Meal do naidheachd, a charaid!

Re: Agus Thunderbird an-dràsta
Posted: Fri Oct 22, 2010 8:16 pm
by akerbeltz
Cha bhi mi coimhead air a' bhogsa ach nuair a bhios mi 'g obair air an stòr-dàta leagsaigeach

Re: Agus Thunderbird an-dràsta
Posted: Fri Oct 22, 2010 11:06 pm
by faoileag
Tha fios againn. Chan eil sinn ach a' tarraing asad!
Meal do naidheachd, a-rithist!

Re: Agus Thunderbird an-dràsta
Posted: Sat Oct 23, 2010 12:15 am
by akerbeltz
Gun robh math agaibh - bha fhios a'm gun robh sibh ri fealla-dhà

Re: Agus Thunderbird an-dràsta
Posted: Sat Oct 23, 2010 10:11 am
by GunChleoc
An robh

Re: Agus Thunderbird an-dràsta
Posted: Sat Oct 23, 2010 8:04 pm
by akerbeltz
Ma tha duilgheadas agaibh le Thunderbird air Mac: thèid seo chàradh san ath-ùrachadh, bha mearachd ann, chuir mi " far an robh dùil ri " ... duh! Cumaidh mi fios ruibh!
Re: Agus Thunderbird an-dràsta
Posted: Wed Nov 03, 2010 4:08 pm
by akerbeltz
Saoilidh mi gu bheil e air a chur ceart a-nis - beachd sam bith?
Re: Agus Thunderbird an-dràsta
Posted: Wed Nov 03, 2010 11:18 pm
by GunChleoc
Chan eil Mac agamsa

Re: Agus Thunderbird an-dràsta
Posted: Thu Nov 04, 2010 3:27 am
by Neas Olc
Chan eil Mac agamsa
Lol nuair a leugh mi sin smoainich mi gun robh thu a ciallachadh rudeigin eile.

Re: Agus Thunderbird an-dràsta
Posted: Thu Nov 04, 2010 7:35 pm
by GunChleoc
Re: Agus Thunderbird an-dràsta
Posted: Fri Nov 05, 2010 9:16 pm
by Seonaidh
GC wrote:Chan eil Mac agamsa
Uill, feuch Nic