Page 1 of 1
Firefox 4
Posted: Wed Oct 13, 2010 4:52 pm
by akerbeltz
A chàirdean,
Thig atharrachadh no dhà air Firefox 4 a thaobh nan innealan-luirg a bhios ann. Cuiridh iad Bing ri Firefox 4 a ghnàth (ann am Beurla) 's a' cur ceist a bheil sinne 'ga iarraidh cuideachd.
Dh'fheuch sinn ri seirbheisean sa Ghàidhlig a thairgsinn do dhaoine ann am Firefox 3.6 (Google sa Ghàidhlig, AFB, an Stòr-dàta, BBC Alba). Chan eil Bing ri fhaighinn ach ann am Beurla. A bu toigh leibh-se fhaicinn am measg nan innealan-luirg ro-stàlaichte (pre-installed search engines) no bheil sibh toilichte an cur ris sibh fhèin a làimh?
Fàilte ro bheachd sam bith!
le meas,
Am Mìcheal Eile
Re: Firefox 4
Posted: Wed Oct 13, 2010 9:51 pm
by Seonaidh
A Bhing mhi-chòir,
OK - Akerbeltz maitea - Mar a thachras, tha Google agtam aig an taigh mar inneal-luirg (an àite Bling no rudeigin eile) agus tha Mgr. Google ag ràdh "rannsaich" dhomh, gach nì sa Ghàidhlig. Aig an obair tha iad air atharrachadh bho Ghoogle gu Bling agus cha toil leam seo idir - ma nochdas Bong (m.e. mur' urrainn do IE, FF amsaa làrach lìn a lorg), thèid mi gu google.co.uk.
Dè a' cheist? O seadh, "A bu toigh leibh-se fhaicinn am measg nan innealan-luirg ro-stàlaichte (pre-installed search engines) no bheil sibh toilichte an cur ris sibh fhèin a làimh?" Freagairt: cha bu toigh.
Re: Firefox 4
Posted: Wed Oct 13, 2010 10:43 pm
by GunChleoc
Cha do chleachd mi Bing a-riamh. Ach chan eil dad cearr le roghainn a bharrachd, saoilidh mi.
Re: Firefox 4
Posted: Fri Oct 15, 2010 12:52 am
by akerbeltz
Ok, taing son na beachdan seo!
Re: Firefox 4
Posted: Fri Oct 15, 2010 12:36 pm
by faoileag
Cha toil leam Bing nas motha. Bidh sinne ga chleachdadh air na coimpiutairean aig an obair cuideachd agus chan eil mise co-dhiù rairichte leis na toraidhean - tha Google nas fheumaile dhohmsa.
Ach tha fios agam gu bheil sin an crochadh air na h-amasan agad, agus ma bhios e feumail dhut, 's dòcha gum bi thu toilichte an roghainn seo fhaighinn a bharrachd, fiù 's ma bhios e air Beurla.
Re: Firefox 4
Posted: Tue Mar 22, 2011 6:37 pm
by akerbeltz
Tha Firefox 4.0 ann a-nis, tha mi an dòchas gun còrd e ruibh!
Gheibh sibh
an-seo e
Re: Firefox 4
Posted: Tue Mar 22, 2011 10:05 pm
by faoileag
Mòran taing!

Re: Firefox 4
Posted: Wed Mar 23, 2011 8:06 am
by Thrissel
'S math a rinn thu!
Nuair a bha mi ga stàladh thug Norton rabhadh dhomh gun a bhith sin a dhèanamh oir bha faidhle air choireigin ann a bha ro ùr air an son... ach cha do ghèill mi riutha

Re: Firefox 4
Posted: Wed Mar 23, 2011 9:36 am
by GunChleoc
Gheibh mi sa bhad e, mòran taing!