Page 1 of 1

Ceartachair na Gàidhlig

Posted: Sun Dec 23, 2007 12:53 am
by ceann-feachd
Tha mi dìreach air cur ceartachair Gàidhlig air a' choimpiutair agam. Saoilidh mi gum bi e ag obair le OpenOffice agus le Firefox. Tha mi a' creidsinn gur "MySpell" an t-ainm a tha air a' phrògram. Tha mi ga chleachdadh air Ubuntu Linux. Chan eil fios agam a bheil tionndadh Windows ri fhaighinn.

Chan eil ach aon rud ceàrr leis. Tha e fhathast a' cleachdadh nan stràcan aosda. Co-dhiù, is e deagh thòiseachadh a tha ann, nach e?

Suas leis a' Ghàidhlig.

Posted: Sun Dec 23, 2007 1:36 pm
by neoni
a bheil e ag obair le FF?? smaoinich mi gun obair e dìreach le word processors.

Posted: Sun Dec 23, 2007 2:18 pm
by ceann-feachd
Tha. Tha e ag obair le Firefox 2.0. Tha e a' ceartachadh na tha mi a' sgrìobhadh an-seo.