Page 1 of 1

Urras a' BhBC a' sgrùdadh BBC Alba

Posted: Mon Oct 26, 2009 7:08 pm
by *Alasdair*
Foirm Gàidhlig
Foirm Beurla

Tha e cho cudromach gu bheil thu a' toirt seachad do bheachd air BBC Alba.

Tha iadsan ag iarradh gum bidh BBC Alba air Freeview san àm ri teachd ach son seo a bhith a' tachairt feumaidh na stèiseanan rèidio air an cuir dheth nuair a tha BBC Alba air. So tha taghadh ann: BBC Alba air Freeview no dòigh eile, seach FM/AM/LW/DAB/Sky/Virgin/Freesat agus an eadar-lìon, a bhith ag èisteachd ri na stèiseanan rèidio air Freeview.

Posted: Mon Oct 26, 2009 7:49 pm
by horogheallaidh
Dh'fheuch mi seo anns a Ghaidhlig ach cha robh cuid de na putanan reidio ag obair - bha an sgriobhadh air mullach na putanan.

co dhiu feuchadh mi e sa bheurla :?

Posted: Mon Oct 26, 2009 9:44 pm
by *Alasdair*
'B e siud a' tachairt dhomhsa ach ma tha thu direach a' cliogadh air "Chan eil" agus an uair sin a' putadh an "arrow up" button air do mheur-chlàr tha e a' dol gu "Tha" :)

Posted: Mon Oct 26, 2009 10:45 pm
by Seonaidh
grrrr.... chan eil bocsa airson beachdan aig C. 8 (roghaineachd eadar na stèiseanan rèidio is BBC Alba). Bha agam ri beachd a chur ann am bocsa C. 9 agus dh'fhaighnich mi carson nach urrainn dhaibhsan a h-uile rud a chur air Freeview aig an aon àm.

Posted: Tue Oct 27, 2009 12:43 am
by *Alasdair*
Seonaidh wrote:grrrr.... chan eil bocsa airson beachdan aig C. 8 (roghaineachd eadar na stèiseanan rèidio is BBC Alba). Bha agam ri beachd a chur ann am bocsa C. 9 agus dh'fhaighnich mi carson nach urrainn dhaibhsan a h-uile rud a chur air Freeview aig an aon àm.
Tha feum aig a h-uile rud a bhith a' dol a-steach na Multiplexes far a bheil TV "beò". Tha 8 Multiplexes ann agus tha rùm eadar-dhealaichte aig gach fear. Ma bhios 13Mbit aig fear de na Multiplexes faotaidh tu 's dòcha 6 sianalan a cuir ann - a' fàgail dìreach rud beag rùm (bidh stèiseanan rèidio a' dol an seo).
Ach, air sgàth gu bheil tòrr sgudal air Freeview a-nis chan eil rùm gu leòr air fhàgail so tha feum aig a' BhBC rudeigin a dhèanamh leis na stuth eile a th' aca mar-thà...

An dòchas gu bheil seo a' dèanamh ciall air choireigin :lol:

Posted: Tue Oct 27, 2009 10:23 pm
by Seonaidh
Uill, chan eil sin direach ceart (tha mi duilich - chan eil mi a' cleachdach mo PhC abhaisteich agus cha bhi stracan ann an seo). Bha mi a' leughadh an t-Scotsman [OK tha sin cearr ach chan fhaodainn a resistadh...] an-diugh agus
An Neach bho Alba wrote:It is understood that proposal [a chur as dhe na seanail Reidio air Freeview eadar 17 is 23f] is an alternative to buying more bandwidth for the channel at a cost of £4 million. The projected cost for bringing BBC Alba onto Freeview would be £50,000
Tha mi a' creidsinn gum bu choir dhan BhBC an t-airgead a chosgadh air cumail an da chuid aig an aon am air Freeview - BBC Alba AGUS na steiseanan reidio. Seo nas lugha na £20 airson gach sealladair laithreach BBC Alba agus 's e one-off payment a th' ann.

Posted: Sun Nov 01, 2009 3:31 pm
by Níall Beag
Tha mi dìreach air freagairt.

Posted: Mon Nov 02, 2009 12:52 am
by akerbeltz
Tha na daoine ris an do bhruidhinn mise gu math fiadhaich mu na planaichean a chur air an lìon, gu h-àraid an fheadhainn nach eil a' fuireach am meadhan na h-Alba no sna bailtean móra. Cha robh fhios agam gun robh bailtean ann uair a thìde air falbh o Ghlaschu nach fhaigh réidio soilleir no an lìon. Saoilidh mi gum b' e mearachd mhór a bhiodh ann a chur air an lìon agus saideal a-mhàin... gu h-àraid leis an uiread de dhaoine le G sna sgìrean iomallach.

Posted: Mon Nov 02, 2009 6:52 am
by GunChleoc
Chan urrainn dhomh an saideal ruigsinn bhon fhor-uinneag agam, is tha mi cinnteach gum bi daoine eile anns an aon suidheachadh. Than fhaod mi am mullach a chleachdadh nas motha, chan eil an taigh seo agamsa agus 's e teanamant a th' ann.