Page 1 of 1

Gàidhlig aig a' Mhòd

Posted: Fri Oct 16, 2009 7:01 pm
by Gràisg
Bho làrach BBCAlba

'Gàidhlig aig a' Mhòd

Dh' iarr Àrd-oifigear a' Chomuinn Ghaidhealaich, Iain Moireasdan, air Gàidheil barrachd Ghàidhlig a bhruidhinn aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Nochd dragh bho Fhionnlagh MacLeòid, stiùiriche buidheann nan sgoiltean-àraich, Taic, gun robh cus Ghàidheil a' roghnachadh Beurla a bhruidhinn. Thuirt Mgr Moireasdan gum biodh iad a' feuchainn ri bruidhinn na Gàidhlig a bhrosnachadh agus ri ìre fileantach nan còisirean a leasachadh.'

Agus tuilleadh bhon Albannach:

'There are 65 choirs, with about 500 members, taking part in this year's Mod. John Morrison, chief executive of An Comunn Gàidhealach, said that, with the help of Bòrd na Gàidhlig, it would soon be offering special courses to help the members of this "captive audience" to improve the fluency of their Gaelic.'

http://news.scotsman.com/scotland/The-w ... 5739417.jp


Posted: Sat Oct 17, 2009 8:39 pm
by horogheallaidh
roll on thurso!! :)

Posted: Sun Oct 18, 2009 12:02 am
by Seonaidh
Tha riaghailt, sna h-eisteddfodau sa Chuimrigh, nach ceadaichear ach Cuimris a bhruidhinn air an achadh ("ar y maes, Maes yr Eisteddfod"). A bheil modh sa Mhòd sin a dhèanamh?

Posted: Sun Oct 18, 2009 10:01 am
by Thrissel
Chan eil mi ga chreidsinn. Am feum, me, cèilichean bhon Bhreatainn Bheag aig nach eil ach Breatannais, Frangais agus 's dòcha beagan Bheurla, cumail balbh?

Posted: Sun Oct 18, 2009 3:45 pm
by Gràisg
Seo sealladh eile a tha caran dochasach:
http://www.heraldscotland.com/news/home ... n-1.926808