Tha an sgeulachd Ghàidhlig cho fallain 's a bha i riamh
Posted: Sat Oct 10, 2009 9:55 am
le RAGHNALL MacilleDHUIBH san Albannach
"ÀS DÈIDH na cuirme fuiltich, bha iad nan laighe am measg nan cnàmhan, gach bus air druim a nàbaidh, an sùilean leth-dhùinte 's iad uile cho leisg. 'S air an oidhche, thog iad am fonn, fonn nan sinnsirean. Nach e a bha dòigheil na aisling, bus ri bus còmhla ri a bhràithrean 's a pheathraichean, a' seinn ris a' ghealaich."
Tha sinn am broinn ceann madaidh-allaidh an déidh latha math seilge ann an Alasga còmhla ri pac ùr – neo prasgan ùr, mar th' aig Charles ("Chuck") Tripp orra. Tha sgrìobhadh mar seo ann an Gàidhlig a' dol air ais gu 'Moladh Beinn Dóbhrain' aig Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir.'
...
'A' chiad rud a chanas mi se gu bheil trì no ceithir pìosan an-seo nach eil buileach 'nan sgeulachdan goirid idir ach 'nan naidheachdan, 'nan cuimhneachain neo eile. Bha Gairm agus Gath 'nan dachaigh riamh dh'a leithid mar choir' altraim an sgrìobhaidh Ghàidhlig. Gu mì-fhortanach, o nach eil iad sin ann tuilleadh, se leabhraichean mar seo an aon chothrom a-nist a tha aig sgrìobhadairean ùra a bhith a' nochdadh ann an clò. Feumar rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn.'
Tuilleadh an seo:
http://news.scotsman.com/gaelic/Tha-an- ... 5721607.jp
'