Page 1 of 1

Sanasachd aona-chananach aig pròiseact telebhisean Gàidhlig

Posted: Tue Sep 15, 2009 10:46 pm
by Gràisg
Seo rudeigin Beurla a-mhàin a chunnaic mi air an duilleag Facebook Gaidhlig na h-Alba a-nochd.
Image

Mura bheil companaidh telebhisean a leithid seo deònach Gàidhlig a chleachdadh aig a h-uile ìre agus a h-uile turas a nochdas cothrom dhaibh - (gu h-àraidh nuair a tha iad a' cur stuth an àirde air a leithid duilleag Facebook Gàidhlig na h-Alba) carson a bu chòir do NHS Highland, comhairle na Gàidhealtachd no buidheann oifigeil no duine sam bith eile a Gàidhlig a chleachdadh sna gnothaichean aca no planaichean Gàidhlig a chur an gnìomh? Mura bheil a leithid seo ri fhaighinn sa Ghàidhlig cuideachd carson a bu choir do na h-ùghdarasan soidhnichean rathaid dà-chananach a chur an àirde?

Mura bheil daoine a tha a' togail airgid as a' Ghàidhlig deònach Gàidhlig a chleacdadh sa h-uile roinn den chuid obrach carson a bu chòir do duine sam bith eile a bhodraigeadh?
Carson a tha an t-sanasachd a tha seo a' toirt prìomhachas don Bheurla?


Seo far a bheil e:
http://www.facebook.com/topic.php?uid=2 ... opic=11437

Posted: Wed Sep 16, 2009 7:52 pm
by Seonaidh
Aidh Ghràisg, chunnaic mise e cuideachd. Nist, smaoinich air sanas aona-chànanach, Gàidhlig a-mhàin, airson BBC neo-Alba a' cur taic aig "The Wedding Show", prògram Beurla. Am bi seo a' tachairt àm sam bith a dh'aithgearr? Ciamar a tha dèanamh casaid?

Posted: Wed Sep 16, 2009 10:57 pm
by Gràisg
S' fheàrr leamsa an stoidhle a tha seo, sanasachd airson program a tha a' toirt tagadh cànain dhut. Chaidh seo a chur an àirde air an duilleag Facebook GnaA cuideacd.

'Tha a phrogram car BBC Alba, ‘Air An Rathad’ air ais, nas motha is nas fhearr buileach! Tha sinn a sireadh ochdnar a tha uabhasach deidheil air caraichean airson a phrogram a th’againn agus airson a’ bruidhinn mu charaichean. Ma se car ‘old bangor’ neo ‘modified mean machine’ a th’ann- tha sinn ag iarraidh a cluinntinn mu dheidhinn!
S’mar sin, ma tha na cuillichean agad do moit agus toileachas, cuir fon gu Mairead air: 01224 633 628 neo cuir post dealain gu: info@eyeline-media.co.uk agus b’urrainn dhutsa cuideachd a bhith ‘air an rathad.’

Air an Rathaid, BBC ALBA’s car show is back and its bigger and better! We ‘re looking for 8 passionate people to come on our programme and talk about their cars. Whether it be a lovable ‘old banger’ or a ‘Modified mean machine’ - we want to know!
So if your wheels are your pride and joy, Call Mairead on 01 224 633 628 or email mairead@eyeline-productions.co.uk and you too could be “Air and Rathaid” '

Posted: Thu Sep 17, 2009 12:00 am
by Níall Beag
Nise, dé an Gàidhlig a th' air "raw nerve"...?

Posted: Thu Sep 17, 2009 1:36 pm
by Níall Beag
And how do you get a degree with spelling like that?

Posted: Thu Sep 17, 2009 6:35 pm
by Gràisg
Uill, leis an fhirinn innse a charaid, tha ceum nam phòcaid cuideachd :-)

Posted: Thu Sep 17, 2009 8:31 pm
by Seonaidh
Wel, cha nail fias agum itir, a Nèl Ach ha mi cretsin nach toir ud ceaman erson litrachas abhàin.
Wel, I doent no at awl, Neel. But I thimk thay don giv digrees for speling onley.

Posted: Fri Sep 18, 2009 11:45 am
by Níall Beag
Nagh eering a hawn, a gharage, agh ha weh na farshch jenna criteria, nagh yell?