Page 1 of 1

Gàidhlig gu leòr aig Oilthigh Obar Dheathain

Posted: Wed Sep 02, 2009 1:20 pm
by faoileag
''Tha an Oilthigh air an siostam foghlaim atharrachadh, agus iad airson a bhith air am meas mar fhear de na h-oilthighean as fheàrr a th' air thalamh.

Tha iad a' toirt roghainn nas fharsainne do dh'oileanaich a thaobh nan cuspairean a dh'fhaodas iad taghadh.''

....Gàidhlig, mar eisimpleir. 8-)


''Gu ruige seo tha taic mhòr air a bhith aig Gàidhlig anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, bhon oilthigh.

"Dhomhsa co-dhiù tha e a' coimhead coltach ris gu bheil Gàidhlig air a brosnachadh.''

http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... deen.shtml

Posted: Wed Sep 02, 2009 1:58 pm
by *Alasdair*
Gàidhlig aig Obar Dheathain
Gàidhlig le Fraingis, Gearmailtis, Matamataigs, Beurla, Fiolm msaa...

Posted: Wed Sep 02, 2009 3:05 pm
by Gràisg
'Gàidhlig le Fraingis,' - 's e sin a rinn mise ach chuir nad chuimhne gur e aig oilthigh far a bheil beurla a' chànain as làidire a th'ann an O-D.
Gheibh thu comradh sa ghàidhlig ann an Obar D ma tha thu ga lorg ge-tà.
S' bochd nach eil Gàidhlig le Fraingis ri fhaighinn aig an t-SMO, no Gàidhlig le Breatnais :-)

Posted: Thu Sep 03, 2009 12:07 am
by Seonaidh
Dè mu dheidhinn Beurla le Fraingis? (TMhnaG)