Page 1 of 1

NHS na Gàidhealtachd

Posted: Sat Aug 29, 2009 10:57 am
by akerbeltz
NHS Highland launches consultation on Gaelic Language Plan
NHS Highland is now seeking the views of people across the NHS Highland area on its draft Gaelic Language Plan.

http://www.nhshighland.scot.nhs.uk/News ... ePlan.aspx

Tha am plana fhéin an-seo:
http://www.nhshighland.scot.nhs.uk/HotT ... ePlan.aspx

Posted: Sat Aug 29, 2009 5:06 pm
by Gràisg
Tha mòran dhaoine ro thrang gus a leithid sin a leughadh. A bheil fhios aig duine sam bith dè na puingean as cudromach? Dè bu choir dhuinn a chur a-steach den ghnothaich?

Posted: Sat Aug 29, 2009 5:47 pm
by akerbeltz
Cha dug mis' air ach sùil ghoirid. Tha e coltas math gu leòr air; bha mise ag ionndrainn na leanas:
* Gàidhlig fhilleadh a-steach ann an trèanadh aig ìre oilthigh
* stuthan leughaidh sa G sna h-ospadalan etc
* gum bi soidhnichean dhen dearbh mheud

Ach cinnteach gum bi beachdan aig daoine eile.

Posted: Sat Aug 29, 2009 6:11 pm
by Gràisg
tl a charaid, cuiridh mi sin a-steach agus beachd sam bith eile a nochdas san eadar-ama. :)

Posted: Sat Aug 29, 2009 7:36 pm
by Seonaidh
Ma thèid sibh gu www.wales.nhs.uk, chì sibh làrach lìon dà-chànanach gu lèir. Bhiodh sin rudeigin math ann am Plana Gàidhlig SSN na Gaidhealtachd. Ach chan eil mise a' fuireach sa Ghaidhealtachd - bidh aig cudeigin eile sin a chur ann.

Posted: Thu Sep 03, 2009 9:19 am
by Gràisg
tl Akerbeltz agus Seonaidh, chuir mi freagairt a-steach leis na puingean ud.

Posted: Thu Sep 03, 2009 10:40 pm
by horogheallaidh
tha mi a' smaoineachadh gur e an aon rud a tha ann aig a h-uile fear eile;

barrachd daoine ann le gaidhlig
daoine a tha deonach airson gaidhlig ah ionnsachadh
soidhnichean da chananach
barrachd gaidhlig air an larach lin