Page 27 of 104
Posted: Thu Oct 30, 2008 7:57 pm
by chris-1961
NicÒgan wrote:Tha mi ag obair a-dràsda.
I am at work right now [at least that's what I hope it says.
]
Halò NicÒgan.

Tha mi ag obair an-dràs
(t)a.
Hello NicÒgan. Hope you are well today. I corrected your wee error ( hope you don't mind ).
I am home from work now and enjoying some well earned peace and quiet.
Mar sin leat an-dràsta.

Posted: Thu Oct 30, 2008 8:03 pm
by ~Sìle~
chris-1961 wrote:Hello NicÒgan. Hope you are well today. I corrected your wee error ( hope you don't mind ).
Tapadh leibh.
I don't mind at all. It was my first attempt at using Ghàidhlig in public. When my mistakes are corrected I learn better. So, thanks!
Posted: Thu Oct 30, 2008 8:56 pm
by GunChleoc
Glè mhath - very good!
BTW: an-dràsda is an older spelling of an-dràsta, so you will still see that a lot

Posted: Sun Nov 02, 2008 3:12 am
by Dougie
Innsidh mi dhut nach robh mi a' dèanamh: chan eil mi nam chadal...mar as àbhaist!
Posted: Sun Nov 02, 2008 12:04 pm
by yellow-ceitidh
Tha mi ag ionnsachd focail ùra anns a' Ghearmailtitis tro Gàidhlig agus dealbhan air CD.
I'm learning new German words through Gaelic and pictures on a CD.
Posted: Sun Nov 02, 2008 2:19 pm
by *Alasdair*
Uill, a-nis tha mi ag èisteachd ri ceòl...
Nas tràithe rinn mi fiolm goirid Gàidhlig airson Film G. Bha e beachd aig mo charaid agus tha am fiolm uabhasach... Tha e gun ciall agus chan eil Gàidhlig ann!
Cuideachd, cheannaich mi Guitar Hero: 4 air Amazon.co.uk Tha e a' tighinn Dihaoine!
Now - music
Earlier - made a short Gaelic film. Friends idea - it's awful. No meaning and no Gaelic!
Bought GH4 - coming in Friday.
Posted: Sun Nov 02, 2008 5:06 pm
by neoni
yellow-ceitidh wrote:Tha mi ag ionnsachd focail ùra anns a' Ghearmailtitis tro Gàidhlig agus dealbhan air CD.
I'm learning new German words through Gaelic and pictures on a CD.
na feumaidh wir eine cànan gu tùr neu a thòiseachadh. es gibt uiread de dheutschen bei a bheil gàidhlig.
was chanas du?
deutchlig? gälitsch?
Posted: Sun Nov 02, 2008 6:18 pm
by GunChleoc
Tha keine Ahnung agam

Posted: Sun Nov 02, 2008 6:21 pm
by neoni
glaubidh mi gum b' urrainn dha schön klappen
Posted: Sun Nov 02, 2008 6:36 pm
by GunChleoc
Tha sin a' dèanamh Spaß ann a h-uile Fall

Posted: Tue Nov 04, 2008 5:29 pm
by An Gobaire
Obh obh, dè rinn mi! Mo chreach sa thàinig!
Cheannaich mi Playstation 3.
Posted: Tue Nov 04, 2008 6:51 pm
by *Alasdair*
An Gobaire wrote:Obh obh, dè rinn mi! Mo chreach sa thàinig!
Cheannaich mi Playstation 3.
Aon de 3,400 a-mhain ann an Iapan! Haha...
Tha an Gameboy advanced a' reir nas fheàrr!

Posted: Wed Nov 05, 2008 2:15 am
by An Gobaire
Chan eil fhios 'am càit' an do chuala thu sin, a bhalaich! 'S e am fear 80GB, agus faodar DVD a choimhead air cuideachd, agus ga cheangal chun eadar-lìon!
Tha mi smaointinn gun do cheannaich còrr is 30 000 e sa chiad 24 uairean nuair a thàinig iad a-mach air fèill.
Posted: Wed Nov 05, 2008 11:08 am
by *Alasdair*
An Gobaire wrote:Chan eil fhios 'am càit' an do chuala thu sin, a bhalaich! 'S e am fear 80GB, agus faodar DVD a choimhead air cuideachd, agus ga cheangal chun eadar-lìon!
Tha mi smaointinn gun do cheannaich còrr is 30 000 e sa chiad 24 uairean nuair a thàinig iad a-mach air fèill.
Reic am PS3 3,400 an seachdain sa chiad - reicean as mhiosa a-riamh ann an Iapan!
Ach, chunnaic mi gu bheil iad a' reic an 80GB fear a-nis airson an aon cosg den 40GB fear, so 's docha bidh reicean nas fheàrr an seachdain seo!
Chan eil am PS3 a' dèanamh cho math air cuairt an t-saoghal nas mò an-dràst'...
Posted: Wed Nov 05, 2008 1:51 pm
by An Gobaire
Dìreach? Ueill, tha e soilleir a-nis dè is adhbhar gun robh am fear a cheannaich mise cho saor! 'S dòcha gun robh a' phrìs a bh'aca air ro chosgail, mar sin, ma dh' fhaoidte gun reic iad nas fheàrr a-nis e bhon a leag iad a' phrìs.
Nuair a dh' innis mi do charaid a' phrìs a bh' ann, chuir e iongnadh mòr air!
Tha adhbhar eile 's dòcha nach do reic iad cus ann an Iapan ma-tà. 'S e nach gabh na geamaichean airson PS 2 cluich air PS 3. Co-dhiù no co-dheth, cheannaich mi e, agus Grand Theft Auto 4 na chois. 'S e a' chiad turas a tha mi air seilbh air Games console mar seo a ghabhail!
An creid thu sin?