Page 2 of 2
Posted: Wed Oct 07, 2009 11:03 pm
by Gràisg
Dè do bheachd air an rannsachadh a tha seo?
Gare de Lyon gu Clermont-Ferand 03u 29m - 's e sin astar de 215 mìle.
Inbhir Nis - Dùn Eideann 03u 20m (Nationalised Ex) 's e sin astar de 124 mìle.
TGV's ann no às chan eil cus adhbhar aig muinntir Clermont-Ferand a bhith gearain.
Posted: Thu Oct 15, 2009 1:08 pm
by akerbeltz
Mo chreach, tha fear ann an Lunnainn....
http://www.kohanga.co.uk/
Posted: Thu Oct 15, 2009 8:45 pm
by Seonaidh
A bheil an trèana eadar Stèisean Lyoin agus Clermond Ferrand a' stadadh ann an.../anns.../ann am... An Aghaidh Mhòir, Ceann a' Ghiùthsaich, Baile Chloichridh, Peairt, Gleann Eagas, Sruighlea, An Eaglais Bhric Baile Ghreumaich no Dùn Èideann Maragh an Fheur eadar an dà àite?
Dùn Èideann chun a' Chaisteil Nuaidh: 124 mìle, 1u 25m (Nationalised Express agus Cross-Country). Ach chan eil na trèanaichean a' stadadh ann am Baile nam Feusgan, Ath Wally, Panaichean Baile an t-Sagairt, Niddry Fada, An Druim, Cnoc na Coille, Baile Ackling, Baile Widdring, Coille nam Moch, Baile Cramling no Mainearan - ach chan eil mòran a stadas ann an Dùn Barra, Bearuig, Inbhir Aln no Baile Mòr.
Posted: Fri Oct 16, 2009 3:27 am
by Neas Olc
A bheil an TGV a' dol eadar Paras is Clarmont-Ferrand?
Ach tha e a ruig cha mhòr a h-uile àite eile san dùthaich, mach bho iomadh àitichean san deas...
Cò dhiu cha duig mi an cò-ionad...chan eil mi eolach air cho math's a tha an t-siostam ann an Alba.
Posted: Fri Oct 16, 2009 11:30 am
by akerbeltz
Bha Gràisg a chur 'nar sùilean gum biodh na Frangaich na b' fhearr dhan a' Ghàidhealtachd nam biodh smachd aca-san air an dùthaich seach na Sasannaich.
Agus thog mise puing an TGV - agus 's dòcha nach e sin an eisimpleir a bu bhrèagha a thog mi riamh - gu bheil na Frangaich a' cosg airgead mór air Paras agus prìomh bhailtean eile agus gu bheil iad toilichte gu leòr na roinnean eile fhàgail gu taobh. Théid 50 sa cheudad de mhaoineachadh cultarach na dùthcha a chosg ann an Paras gach bliadhna....
Posted: Fri Oct 16, 2009 4:02 pm
by Neas Olc
Bha Gràisg a chur 'nar sùilean gum biodh na Frangaich na b' fhearr dhan a' Ghàidhealtachd nam biodh smachd aca-san air an dùthaich seach na Sasannaich.
Seachd. Uill TGV ann no às, bhiodh Am Fraing fada nas miosa- coimheadaibh air ciamar a bhios iadsan a deiligeadh ris na cànanan beaga fo an smachd-san.
Foadaibh nam biodh
Canada na superpower Eòrpach...

Posted: Fri Oct 16, 2009 7:55 pm
by Seonaidh
Nice Elk wrote:Faodaibh nam biodh Canada na superpower Eòrpach...
Cha chreid mi gum bi continental drift ag obair cho luath ri sin...